Wednesday, 4 March 2009

Làraichean-lin ùra

'S fada bho nach robh mi a' sgrìobhadh rudeigin an-seo agus tha agam ri ràdh gur e iomadh rud ùr a thachair san t-saoghal Gàidhlig air loidhne nuair a bha mi air falbh. Rudan mar Dwelly-D agus MyGaelic.com. ’S e làrach-lìn ùr airson Gàidhlig a th’ ann am mygaelic.com le tòrr fiosrachaidh mun a’ Ghàidhlig – an cànan, turasachd, tachartasan Gàidhlig agus tòrr rudan eile ceangailte ri Gàidhlig....uill a rèir an ro-ràidh co-dhiù. 'S e làrach-lin mhath a th' ann gun teagamh agus tha m 'n dòchas gum bi e a' fas nas fheàrr tro thide. Ach an dràsd' tha e a' coimhead uabhasach sàmhach an-sin.

Tuesday, 13 January 2009

IF

When stating a fact in Gaelic the word used for "if" is - Ma the negative form is Mur eil
Examples
Ma tha thu fuar cuir ort do chòta - If you're cold put on your coat
Ma tha sin ceart bidh mi glè thoilichte - If that's right i'll be very pleased
Fòn a-màireach mur eil thu a' tighinn - Phone tomorrow if you aren't coming

But when a supposition is being made Nam/Nan is the Gaelic word we need
Examples
Nam b' e Eireannach a th' annam... - If i were an Irishman...
Nam bithinn-sa nam thidsear... - If i were a teacher....
Nan robh mi na bu shine... - If i were older...

Monday, 12 January 2009

Latha ùr, Bliadhna ùr



Thog mi an dealbh seo an seachdain 'sa chaidh.

Wednesday, 24 December 2008

Sunday, 21 December 2008

co-latha breith sona

An t-seachdain 'sa chaidh dh'fàs mo mhac 10 bliadhn' a dh'aois agus bha latha math againn agus bha spòrs, fealla-dha 's tiodhlacan gu leòr aige. Chuir sinn fios gus a' phrògram "Dè a-nis" mu dheidheinn gun fhiosta dha. Bha iongantas mòr air nuair a chunnaic e e-fhèin air Tbh agus chuir iad a' chairt seo thuige-san cuideachd! ...








Taing mhòr gu sgioba Dè a-nis!

Saturday, 20 December 2008

The Genitive

The genitive case of a noun is used in the following circumstances:-
(1) When the nouns are combined in a possesive context...
Examples
Bus na sgoile - The School bus
Cas a' bhùird - The leg of the table
(2) When a noun is preceeded by certain compound prepositions of which the most common are as follows:-
a' chum - for the purpose of
air muin - on top of
air beulaibh - in front of
a dh' ionnsaigh - towards
an aghaidh - against
airson - for (on account of)
air cùlaibh - behind
am measg - amongst
Còmhla ri(s) - along with
cuidhe ri(s) - along with
an àite - in place of
mu choinneamh - opposite
mun cuairt - around
os cionn - above
an dèidh - after
an làthair - in the presence of
mu thimicheall - about regarding
mu dheidhinn - about concerning
Examples
mu thimicheall an taighe - regarding the house
air beulaibh an rathaid -- in front of the road
an dèidh na dìnneir - after the dinner
am measg nan Gaidheal - amongst the Gaels
(3) When a noun is preceeded by certain prepositions which are:-
thar - across over
rè - during
chun - towards
trid - on account of
Examples
thar na mara - across the sea
rè na h-oidhche - during the night
chun a' bhùird - to the table
trid na h-eaglaise - on account of the church

Friday, 19 December 2008

BBC ALBA

Alba

BBC Scotland Alba | Naidheachdan | Gaelic News index