Tuesday, 9 December 2008

Tòisichidh mi aig an toiseach

'S ann à Alba a tha mi agus tha ùidh mhòr agam air mo dhùthaich agus an cultar a' gabhail a-steach ar cànanan Albais 's Gàidhlig. Mar a rugadh mi ann an Glaschu dh' ionnsaich mi Albais aig glùin mo mhàthar ach cha robh aon fhacal Gàidhlig agam aig an àm sin. Thòisich mi air a’ chànan ionnsachadh mu sia no seachd bliadhnaichean air ais. Ach a dh' aindeoin sin chan eil mi fileanta fhathast. Ach tha beagan Gàidhlig agam a-nis agus tha mi gu math toilichte mu dheidhinn sin.

No comments:

BBC Scotland Alba | Naidheachdan | Gaelic News index